top of page

Mìos nan Gàidheal

Air Adhart Le Chéile

 

’S e an Céitean, Mìos nan Gàidheal an Albainn Nuaidh, àm airson eachdraidh, cultur, cànan, euchdan nan Gàidheal is na bhios iad a’ cur rithe, a chumail suas is mothachadh mun déidhinn àrdachadh thar na mór-roinneadh.

 

Tha a’ bhiadhna 2021 a’ comharradh a’ 25mh ceann-bliadhna do Mhìos nan Gàidheal leis an ùrlar, Air Adhart Le Chéile.

 

Tha an t-ùrlar a’ cumail suas còmhlachas nan coimhearsnachdan Gàidhealach agus an dìcheall ri fhaighinn a-miosg nan Gàidheal air feadh an eachraidh. Tha e a’ toirt urram dhan chòmhlachas a tha ri fhaighinn a-miosg Ùr-Albannach air fad gu h-àraid thar nan 14 a chaidh seachad.

 

Bidh an tachartas gus Mìos nan Gàidheal a chur air bhog gu h-oifigeil air loidhne ann, Di-ciadain, 12 an Céitean aig 10:00 am.

 

Coimheadaibh air an tachartas thro Làrach nan Aodann aig Iomairtean na Gàidhlighttps://www.facebook.com/gaelicaffairs air neo thro chaol YouTube

Riaghaltas na h-Albann Nuaidhe https://www.youtube.com/channel/UCTGeDYd32Mio7HVETA6ScWQ  

 

Gus liosta do thachartasan airson Mìos nan Gàidheal 2021, dèanaibh tadhal air Google Calendar - 4 days, starting Wednesday, May 12, 2021 Air sàilleabh glasadh-sluaigh a’ Ghalair Mhóir, nach toir sibh an aire gun deach uiread do thachartasan a dhubhadh ás?

bottom of page