top of page

Clàr àireamh a'chàr

Dèan Do Phàirt Gus Dualchas Gaidheal na h-Albann Nuaidhe a Neartachadh

 

Seall do thaic ris a/Ghàidhlig 's ri a dualchas ann an Albainn Nuaidh agus do bhòsd unnda - faigh an clàr àireamh càir ùr airson nan Gàidheal. Cuiridh tabhartasan bho'n chlàr àireamh ri pròiseactan leasachaidh a' chànain agus an dualchais, a'beairteachadh coimhearstnachdan na h'Albann Nuaidhe gu sòisealta agus gu h-eaconomaigeach.

Gheobhar clàr àireamh càir nan Gàidheal aig a h-uile oifig do dh'Oifgean Inntrigidh na h-Albann Nuaidhe agus aig Oifig Clàraidh nan Carbadan. Bidh tabhartas do $50 air a thrusadh airson 'Gàidheil air Adhart' a bharrachd air tàillean àbhaisteach clàraidh agus ùra-chaidh. Bidh a'mhaoin seo air a riarachadh le Iomairtean na Gàidhlig agus le Comhairle na Gàidhlig a nì cinnteach gun tèid a'mhaoin a chosg ann an iomairtean a chuireas taic ri leasachadh cultur nan Gàidheal ann an Albainn Nuaidh.

Gaelic Licence plate 2.jpg
bottom of page