top of page

Cànan na Gàidhlig

Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidhe: Traidisean ann an Saoghal Nuadh.

Air a sgrìobhadh airson Mìos na Gàidhlig

Le Seumas MacBhàtair

 

Tha luchd-tagraidh na Gàidhlig air a bhith bruidhinn air cor na cànain suas ri dà cheud bliadhna. A’cheist as trice chluinnear: am faigh a’Ghàidhlig bàs? Ge b’rith dè thachras, tha a Ghàidhlig fhathast beò an Albainn Nuaidh agus chaidh Mìos Mhàigh a chomharrachadh chum a buadhan a luadh.

 

Ma bheir duine sùil air eachdraidh na Gàidhlig an Albainn Nuaidh, tha e soilleir gun deach saothair is dìcheall a dheanamh chum’s gum maireadh a’chànain. Ma theid sinn air ais gu MacTalla, an iris Ghàidhlig a chaidh fhoillseachadh aig toiseach an linn seo, leughaidh sinn mu dheidhinn saoghal Gàidhealach a tha glè eadar-dhealaichte bho’n là’n diugh. B’ann aig an àm seo bu mhotha’n cunnart do’n Ghàidhlig, mar a chrìon an cleachdadh. Thòisich a luchd-dàimh ri spàirn airson a cumail beò mu’n àm seo.

 

Mar is minig a thachras, thig caochladh air beachdan ri ùine agus theid tuigse am meud. Tha e nis follaiseach gun tug a’Ghàidhlig an Albainn Nuaidh ceum cudthromach air an t-slighe chothromaich. Tha an nuadh-shaoghal anns a bheil sinn beò an diugh fo riaghladh an eòlais.Mar sin, tha Aois an Eòlais a’tairgsinn iomadh cothrom as ùr do’n Ghàidhlig agus do na Gàidheil.

 

Chan eil Gàidhealtach na h-Albann Nuaidhe a nis na h-aonar. A h-uile bliadhna, chithear àireamh luchd-turais a’dol am meud—iadsan a bhios a’sireadh blasad cultair an Albainn Nuaidh.

 

Bliadhnaichean air ais, bha curaidhean na Gàidhlig dìleas do dhualchas an sinnsir. Rinn iad saothair nach gabh meas. An diugh, tha a’mhòr chuid a’tuigsinn gum feum eaconomaidh a bhith fìllte ri cultar na Gàidhlig anns an t-saoghal nuadh, chum adhartas a chumail suas.

 

Tha Mìos na Gàidhlig a’deanamh luaidh air an dà chuid, sean is nuadh. Nach mol sinn iad uile agus nach glèidh sinn a’Ghàidhlig.

 

Bha Seumas MacBhàtair (1949-2019) os cionn Foghlam is Riochdachadh na Gàidhlig aig a’Chlachan Ghàidhealach.

 

bottom of page