top of page

Fidheall

Snaidhm Ceilteach a’chànain’s a’chiùil

Le Jackie Dunn

 

Feadh Mìos na Gàidhlig, bhiodh e glè iomchaidh sùil a thoirt air an dàimh a tha eadar a’ Ghàidhlig agus ar ceòl Ceilteach. Chun an là’n diugh, ghlèidh is dh’altraim na Gàidheil an cànain’s an ceòl a thug iad leotha gu Amaireaga-a-Tuath, ceudan bliadhna air ais. Chan eil e furasda cunntas a thoirt air an t-seann cheòl seo gun iomradh a dheanamh air cànain, cultar agus dòigh beatha nan Gàidheal gu lèir. Tha ollamhan ciùil dhen bheachd gu bheil dàimh domhainn eadar cànain is ceòl—agus an robh cultar sam bith eile riamh cho daingeann a thaobh beul-aithris ’s a bha cultar nan Gàidheal?

 

B’e na Gàidheil agus an luchd-ciùil a thiomain an ceòl a tha sinne mealtainn an diugh, bho bheul gu beul agus bho ghlùin gu glùin. Ma tha e fìor gu bheil dàimh prìomhadail cho laidir eadar cànain is ceòl, tha fios mar sin gun tàinig cèol Gàidhlig nan ionnsramaid thugainn bho thobar mòr an dualchais Ghàidhealaich. Ghlèidh na seann Ghàidheil ceòl nan ionnsramaid troimh phuirt-a-beul, se sin ri radh, ma dh’fhaoidte, puirt-dhannsaidh air an seinn le lidean agus faclan gun mhòran brìgh. Tha stòras mòr de phuirt ann ris an abair sinn puirt fìdhle gu cumanta, ach,’s e òrain Ghàidhlig a bh’annta a thàinig gu bhith air an comharrachadh mar phuirt ionnsramaid no air an seinn mar phuirt-a-beul.

 

Ma bheir sibh sùil troimh sheann chruinnichidhean ciùil mar An Cruinneachadh Sgitheanach no Cruinneachadh Athaill, chi sibh ceangal follaiseach eadar a’ Ghàidhlig agus an ceòl sgrìobhte. Nach iomadh fonn mall is caismeachd, srath-spè is ruidhle is sioga de’n t-seann cheòl a thugadh a nall a Albainn a th’air an ainmeachadh an seo anns a’Ghàidhlig mar bho thùs. Mar sin, theagamh gur ann bho òrain Ghàidhlig a thàinig puirt ionnsramaid an toiseach. Mar an ceudna, tha puirt eile gun àireamh ann nach deach riamh a sgrìobhadh ach a thàinig a nuas bho bheul gu beul mar òrain no mar phuirt-a-beul.Ghabh cluicheadairean sealbh air mòran dhiubh, agus an diugh, theid an seinn mar phuirt a-mhàin. Saoil a bheil ann an ceòl ar n-ionnsramaidean ach samhla de dheann-rithim, de ghuth, de bhuille, de bhrìgh, de ghnathas-cainnt’ is de ghleus na Gàidhlig?

 

Co dhiubh bhios a’chànain aca gus nach bi, nach fhaod e bhith gum bi luchd-ciùil a’foillseachadh guth na Gàidhlig nan ceòl a dh’aon ghnothach no gun fhios daib’ fhèin. Tha cuid de’n luchd-ciùil aig a bheil eòlas dùbailt’ air na puirt-a-beul agus a bhitheas a’ riochdachadh buille is altadh-maise as an leabhar nan ceòl. No, mar is àbhaist do chluicheadairean an là’n diugh far nach eil ach beagan aig a bheil a’Ghàidhlig, ma dh’fhaoidte gum bi blas na Gàidhlig air an cuid ciùil gun fhios daib’fhèin; ’s e sin, ma thog iad an stòr ciùil no ma lean iad ri dòigh cluiche seann luchd-ciùil is seinneadairean na Gàidhlig. B’fhurasda do neach a cho-dhùnadh gu bheil e air leth duilich a’Ghàidhlig a sgaradh bho’n cheòl, chionn’s nach eil annta le chèile ach snàithlean fa-leth ann an snaidhm Ceilteach a’ chultair.

 

Tha gach aon an urra ri chèile. Mur b’e an cumhachd seo anns a’chànain, bhiodh mòran de cheòl nan ionnsramaid air a dhol a bith ri ùine. Seach gun deach uidhir de cheòl nan ionnsramaid againn a ghleidheadh cheana, bu chòir gum maireadh blas na Gàidhlig nar ceòl, ach se a’chuid sin nach eil sgrìobhte de’n chultar a bhios fìor-chudromach do’n luchd-ciùil aig nach eil Gàidhlig anns an àm ri teachd. Chionns gun deach mìos Mhàigh a chomharrachadh mar Mhìos na Gàidhlig, bu chòir gum brosnaicheadh seo sinn uile gu ar cànain, ar ceòl agus ar cultar a ghleidheadh’s a chur air adhart gus an soirbhich leotha fad nan linn ri teachd.

 

Dh’ionnsaich Jackie Dunn dannsa-ceum aig aois ceithir, am piana aig aois coig agus thòisich i air an fhidhill aig aois ochd bliadhna. Ghabh i ceòl agus foghlam aig Oilthigh an Naoimh Fransaidh Xavier, rinn i grunn chlàraidhean agus chluich i air feadh an t-saoghail.

bottom of page