| |
Tha barrachd cothroim an dràsta air Gàidhlig ionnsachadh an Albainn Nuaidh na bha’nn riamh roimhe. Tha oilthighean is grunnan sgoiltean a’tairgsinn na cànain nan clàran-oideachaidh cumanta. Gheibhear cùrsaichean aig Colaisde na Gàidhlig cuideachd feadh an t-samhraidh. Tha Acadamaidh Ghàidhlig an Atlantaig, a chaidh a chur air bhonn bho chionn ghoirid, a’tabhann chlasaichean agus oideachas air-loidhne. Bho chionn beagan bhliadhnaichean, tha àireamh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig anns an roinn air cinntinn gu h-ealamh.
Chan eil mòran teagamh nach eil seo mar thoradh air na programan TIP a chaidh a thoirt a-steach a dh’Albainn Nuaidh.Tha’m modh teagaisg seo, a chaidh a rianachadh an Albainn le Fionnlagh MacLeòid, stèidhicht’ air programan a bha fìor shoirbheachail an Hawaii agus ann an Zealand Nuadh. Seach gur e tumadh nan oileanach anns a’chànain as cudthromaiche, chan bhi leughadh no sgrìobhadh no gràmar air an teagasg gus am buannaich na h-oileanaich comas còmhraidh. Tha e follaiseach gu bheil am modh teagaisg seo a’còrdadh ri mòran oileanach.
Tha cùrsaichean TIP a-nis air an tairgsinn ann an sgìreachdan air feadh na roinne. An uiridh, chaidh FIOS a chur air bhonn—comann neo-eismeileach agus saor-thoileach a bhios a’toirt taic do na ceudan an Albainn Nuaidh a tha gu dìchiollach ag ionnsachadh Gàidhlig troimh leithid de chùrsaichean. |
 |
 |
An làmh a bheir 'si a gheibh, Mar a d'thugar do dhroch dhuin'e.
The hand that gives is the hand that will receive, Except when given to a bad man. |
 |
 |
|