|
Tha Comhairle na Gàidhlig a’cur fàilt’ air gach neach a tha deònach cànain is cultar na Gàidhlig àrach agus àrdachadh anns an roinn. Faodaidh neach sam bith ballrachd fhaotainn; cha leig sibh a leas a bhith fuireach an Albainn Nuaidh agus chan fheum Gàidhlig a bhith agaibh.
Download and fill out our membership form. Click here to download a PDF >>
Mar bhall de Chomhairle na Gàidhlig:
• gheibh sibh ùrachadh naidheachd air dè tha tachairt a thaobh na Comhairle.
• faodaidh sibh gabhail ri comataidh far am bi cothrom agaibh barrachd oidhirp a dheanamh a thaobh cuspair anns a bheil mòr ùidh agaibh.
• bidh bhòt agaibh aig a’Choinneimh Choitchinn Bhliadhnail.
• faodaidh sibh dreuchd a shireadh air a’Bhòrd Stiùiridh.
Tha ur ballrachd feumail do Chomhairle na Gàidhlig mar an ceudna. Bidh na cìsean agaibh a’cuideachadh le cosgais an làraich-lìn seo, a’toirt taic do phrògraman mar Spòrs agus TIP, a’maoineachadh iomairtean foillsichidh Gàidhlig mar MacTalla agus a’cruthachadh chothroman dhaibhsan a bhios deònach obair a lorg troimh mheadhain na Gàidhlig.
Faodaidh aon neach no teaghlach no buidheann ballrachd a cheannach. Gach bliadhna, bidh buidhnean a’pàigheadh $25; teaghlaich, $20; aon neach, $10. Faodar na cìsean a phàigheadh le seic no le òrdan airgid.
|